FilmG

Stiùireadh Sgriobt

Stiùireadh Sgriobt

Stiùireadh chruthachail bho FilmG airson am beachd, an sgriobt agus am filmeadh agad.

01

Beachd

Feumaidh deagh bheachd agus sgeulachd shoilleir a bhith aig film math FilmG.

  • Smaoinich air far a bheil thu a’ fuireach, na daoine as aithne dhut, sgeulachdan ionadail, no rudeigin a tha èibhinn, neònach no inntinneach.

  • Chan fheum am film a bhith mu dheidhinn Gàidhlig no cultar — feumaidh e dìreach a bhith ANN AN Gàidhlig.

  • Sgeulachd shìmplidh: tha cuideigin ag iarraidh rudeigin → tha rudeigin a’ cur stad orra → bidh iad a’ dèanamh rudeigin mu dheidhinn → bidh rudeigin ag atharrachadh.

  • Ma tha sibh a’ strì le beachd, tòisich le Caractar + Àite + Duilgheadas — agus feuch an t-inneal Brosnachaidh againn.

  • Ma rinn filmeadair no sgoil eile am film seo, an coimheadadh tu e?

  • Dè am film a dh’fhaodadh am buidheann againn a dhèanamh nach b’ urrainn do dhuine sam bith eile?

  • Feuch gun prògram Tbh, film no gnothach air-loidhne a tha ann mar tha a chruthachadh – tha cunnart ann gum bi tòrr de na h-aon seòrsa filmichean ann ma nì thu seo.

02

Sgriobt

Airson gach sealladh: Càit’ a bheil sinn? Dè tha tachairt? Dè tha daoine ag ràdh no a’ dèanamh?

  • Mus tòisich sibh a’ filmeadh, leugh an sgriobt còmhla mar bhuidheann.

  • A bheil i siùbhlach? A bheil a’ Ghàidhlig nàdarra? A bheil dad ro fhada? A bheil an sgeulachd soilleir? Atharraich na pìosan doirbh mus tòisich sibh a’ filmeadh.

  • Cùm sìmplidh agus soilleir i — ’s e rud lèirsinneach a th’ ann am film, mar sin seall e, seach a bhith ga mhìneachadh.

03

Filmeadh

Bu chòir dhut a bhith ag amas air 3-4 mionaidean. ’S e 5 mionaidean am film as fhaide a tha ceadaichte ach bidh filmichean nas giorra tric na b’ fheàrr.

  • Chan fheum a h-uile duine a bhith air beulaibh a’ chamara – tha dreuchdan air cùl a’ chamara cudromach cuideachd: stiùireadh, camara, fuaim agus riochdachadh.

  • Le nas lugha de dhaoine air a’ chamara, bidh e nas fhasa an sgeulachd a chumail soilleir.

  • Cùm Gàidhlig aig cridhe an fhilm agus cleachd cainnt a tha sibh fhèin a’ tuigsinn agus misneachail ag ràdh — na cleachd faclan bho faclair no Google Translate nach eil sibh a’ tuigsinn.

  • Tha e furasta sealladh le heileacoptar a sgrìobhadh — tha e tòrr nas duilghe a leithid fhilmeadh aig an sgoil. Faighnichibh: an urrainn dhuinn seo fhilmeadh dha-rìribh?