FilmG

Cuimhnich…

Cuimhnich…

Na prìomh rudan ri chuimhneachadh mus dèan sibh film FilmG.

Na rudan riatanach

  • Ceann-latha FilmG 19: ro dheireadh Dihaoine 12 Màrt 2027.

  • Feumaidh am film a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba.

  • Cùm am film agad fo 5 mionaidean. Faodaidh na creideasan a dhol beagan thairis air sin, cho fad ’s nach eil annta ach creideasan agus nach eil iad mar phàirt den sgeulachd.

01

Sònrachaidhean teicnigeach

  • Mus tòisich thu air filmeadh, cuir an camara no am fòn air HD (1080p) agus 25fps. Tha sin a’ toirt faidhle math dhuinn ann an cruth freagarrach.

  • Nuair a tha am film deiseil, dèan ‘export’ air mar fhaidhle .mp4 no .mov.

  • Thoir dhuinn dreach glan às aonais fo-thiotalan. (Tha e ceart gu leòr ma nì thu dreach le fo-thiotalan ach tha feum air dreach às aonais fo-thiotalan cuideachd.)

  • Feuch gu bheil am faidhle timcheall air 400MB gu 2GB. Feuch a chumail fo 2GB ma tha sin comasach, gun cron a dhèanamh air na dealbhan agus am fuaim.

02

Formaichean cead agus ceadan

  • Ma tha an sgoil no am buidheann agad a’ dèanamh film, leig fios do FilmG agus cuiridh sinn na formaichean cead chun an tidseir no stiùiriche na buidhne.

  • Feumaidh form cead a bhith aig a h-uile duine a nochdas air sgrìn. Feumaidh neach sam bith fo 18 cead bho pàrant no neach-dìona.

03

Ceòl agus dlighe-sgrìobhaidh

  • Cleachd ceòl bho Leabharlann Ciùil FilmG, no cruthaich agus clàr an ceòl agad fhèin (leig fios do sgioba FilmG ma nì thu seo).

  • Na cleachd ceòl bho apps gearraidh, an eadar-lìon, no clàraidhean coimeirsealta, fiù ’s ma tha cead an neach-ciùil agad.

  • Tha ceòl bho chòmhlan no neach-ciùil ionadail ceart gu leòr ma tha e gu tur ùr agus nach deach fhoillseachadh, agus ma tha fios aig sgioba FilmG mu dheidhinn ro làimh. Mura h-eil e ceadaichte dhan cheòl a bhith air a’ BhBC, tha teansa ann nach bi e comasach dhan fhilm agad nochdadh air na geàrr-liostaichean.

  • Ma tha duilgheadas agad ceòl freagarrach a lorg, thoir sùil air Audio Network. Ma tha ceòl ann a bu toigh leat cleachdadh, innis do sgioba FilmG agus cuiridh sinn dhan Leabharlann Ciùil dhut e.

04

Dlighe-sgrìobhaidh agus cleachdadh

  • ’S ann leibhse a tha am film. Faodaidh an sgoil no am buidheann a chur air Facebook, YouTube, làrach-lìn na sgoile, a shealltainn aig tachartasan, no a chleachdadh ann an dòigh sam bith eile a thogras sibh.

  • Le bhith a’ gabhail pàirt ann an FilmG, tha sibh a’ toirt cead do MG ALBA agus Astar Media am film agaibh a chleachdadh agus a sgaoileadh airson FilmG, a’ gabhail a-steach air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta.